Loading
AC![]()
author
Angus Peter Campbell
Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul à Uibhist a Deas, ged a chuir e seachad a bhliadhnachan mar dheugaire air Eilean Shaoil, deas air an Òban. Chaidh e gu Àrd-sgoil an Òbain far an robh Iain Mac a’ Ghobha...view moreTha Aonghas Pàdraig Caimbeul à Uibhist a Deas, ged a chuir e seachad a bhliadhnachan mar dheugaire air Eilean Shaoil, deas air an Òban. Chaidh e gu Àrd-sgoil an Òbain far an robh Iain Mac a’ Ghobhainn ga theagasg. Às dèidh ceumnachadh le Urram ann am Poilitigs agus Eachdraidh o Oilthigh Dhùn Èideann dh’obraich e mar neach-naidheachd agus mar chraoladair. Tha e air grunn leabhraichean a sgrìobhadh. Nam measg, an nobhail ‘An Oidhche Mus do Sheòl Sinn’, an cruinneachadh bàrdachd ‘Aibisidh’ a choisinn Duais Leabhar Bàrdachd na Bliadhna an Alba ann an 2011, agus an nobhail Bheurla ‘Memory and Straw’ a choisinn duais Leabhar na Bliadhna aig Duaisean Litreachais Saltire ann an 2017. A bharrachd air an eadar-theangachadh seo dhen leabhar aig Seòras Orwell (‘Animal Farm’) tha e cuideachd an-dràsta a’ sgrìobhadh na dàrna nobhail mu dheidhinn ‘Constabal Murdo’ agus nobhail ùr Bheurla, Electricity.view less